Plana Ro-innleachdail UHI 2030
Far a bheil ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd
Aig UHI, tha sinn ag ath-mhìneachadh dreuchd oilthighe.
Tha sinn nar n-institiud treas-ìre a tha aithnichte air feadh an t-saoghail, agus tha sinn moiteil a bhith a’ comharrachadh ar com-pàirteachais air leth eadar colaistean, ionadan rannsachaidh ainmeil agus ionadan teagaisg speisealta.
Nas motha na oilthigh traidiseanta, bidh sinn a’ lìbhrigeadh foghlam adhartach is àrd-ìre, rannsachadh den chiad ìre, agus iomlaid eòlais dhinimigeach thar 48 àite air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Moireibh agus Peairt.
Tro ar lìonraidhean, ar co-obrachaidhean agus ar buaidh, bidh UHI a’ ceangal ar roinnean ris an t-saoghal – agus a’ toirt an t-saoghail do na sgìrean againn.

Le taic bho shàr-mhathas obrachaidh, smaoinichidh, dealbhaidh agus gnìomhaidh com-pàirteachas UHI mar aon ann a bhith a’ lìbhrigeadh ar misein agus ar lèirsinn.

Is e pàirt bhunasach den mhisean againn foghlam agus rannsachadh co-chruthaichte a bhrosnachadh, air a neartachadh leis na cruthan-tìre, an dualchas agus na cultaran sònraichte againn. Thèid an lùth agus an t-amas seo a stiùireadh tro chòig phrìomh chuspairean ro-innleachdail:
- Teagasg, ionnsachadh agus taic do dh’oileanaich: A’ lìbhrigeadh curraicealam ceangailte a tha air a chumadh le feumalachdan oileanach agus iarrtasan luchd-fastaidh.
- Buaidh rannsachaidh agus ùr-ghnàthachaidh: A’ stiùireadh rannsachadh den chiad ìre a tha freumhaichte san àrainneachd agus san dualchas againn, le ruigsinneachd chruinneil.
- Iomairt agus fàs: A’ toirt taic do chruth-atharrachadh eaconamach roinneil agus smaoineachadh iomairteach.
- Seasmhachd àrainneachdail: A’ cur air adhart gluasad cothromach gu neoni lom agus a’ dìon nan eag-shiostaman ris an can sinn dachaigh.
- Sàr-mhathas obrachaidh: A’ cruthachadh ionad sruth-leasaichte, le fòcas air daoine far a bheil a h-uile guth cudromach.
’S e ar misean buaidh chruth-atharrachail a thoirt air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh ar roinnean. Tha sinn dealasach a thaobh ionnsachadh fad-beatha, leasachadh seasmhach agus làn chomas gach oileanach fhuasgladh.
Chan e dìreach àite sgrùdaidh a th’ ann an UHI - ’s ann an seo a tha ionnsachadh a’ ceangal ri beatha, obair agus an saoghal.
Oir an seo, tha ionnsachadh dha-rìribh a’ ciallachadh barrachd.